³ÉÈËÂÛ̳

Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig

CUAIRT COIMISEANAIDH ³ÉÈËÂÛ̳ ALBA - SAMHRADH 2024

’S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-màireach a th’ ann am ³ÉÈËÂÛ̳ ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire dhaoine air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail. Tha miann sgeulachdan innse a thogas dàimh le luchd-coimhid, anns an urrain dhaibh earbsa a chuir agus a tha mar sgàthan air farsaingeachd am beatha.

Tha dà raon air ar n-aire:

1. Sgeulachdan aithriseach. Susbaint làn spionnadh a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta. Tha an dà chuid brìgh a’ bheachd, agus an dòigh anns an tèid a chuir an cèill, air leth cudromach dhuinn.

2. Co-riochdachadh – beachdan cruthachail a tha àrd amasach agus a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig a bheil comas follaiseach sin a thàladh. Bhiodh sinn a’ sùileachadh beachdan aithriseach, cur seachad, nàdar, no ceòl.

CINN-LÀ THAGRAIDHEAN

• Tha a’ chuairt seo ag amas air clàr Nollaig 2024 agus Earrach 2025.

• Ceann-là airson beachdan – 1f Diciadain 19mh Ògmhios 2024

• Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/³ÉÈËÂÛ̳ – 5f Dihaoine 28mh Ã’gmhios 2024

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich aig bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

PRÃŒOMHACHASAN FOILLSEACHAIDH

Tha sinn a’ sireadh phrògraman aig am bi buaidh agus sonrachas agus a ghlacas aire air iPlayer.

Thoir thugainn beachdan mu chuspairean a sheasas a-mach anns a’ chlàr agus air am bi fèill às dèidh làimh air iPlayer. Feumar gach cothrom a ghabhail gus ar susbaint a chuir mu choinneimh an luchd-cleachdaidh

Tha sinn a’ sireadh bheachdan cuideachd a b’ urrainn obrachadh ann an clàr ceann-bliadhna 2024/25. Saoil dè na rudan a bheireadh daoine, thar nan ginealachdan, cruinn còmhla. Ma rinneadh roimhe e, cha bhiodh sinn ag iarraidh tionndadh eile air am-bliadhna. 

DREACH AGUS FAD

Gabhaidh sinn tagraidhean airson sreathan goirid.

Tha sinn sùbailte a thaobh fad ach le ùidh shònraichte ann an 60, 45 agus suas gu 20 mionaidean airson beachdan a thèid am foillseachadh gu didseatach an toiseach.

Lùigeadh sinn tagraidhean fhaicinn a tha a’ toirt feairt air mar a dh’fhaodadh fad is cruth a chleachdadh airson stuthan ùra a dhealbh agus a lìbhrigeadh gu h-àraidh mu choinneimh feumalachdan iPlayer. Bu chòir coimhead air cruthan-goirid mar dhòigh air tiotalan ùra a stèidheachadh, chan ann mar rud a lìonas beàrn sa chlàr.

Aig a’ cheann eile ge-ta, beachdaichidh sinn air tagraidhean àrd-amasach airson pròiseactan aithriseach a sheasas suas gu 90m agus a dh’fhaodadh nochdadh san taigh-dhealbh no aig fèisean mas tigeadh iad gu clàr TBh. Bhiodh dùil gun tigeadh an leithid le ionmhas a bharrachd, air neo plana dearbhte airson a leithid fhaighinn, nan cois. 

TAGRAIDHEAN

• Thoir fios dhuinn le:

       1. Iomradh cruthachail

       2. An luchd-cleachdaidh san amharc

       3. Prìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara

       4. Fios mu aontaidhean

       5. ÃŒomhaighean mun chuspair

       6. Prìs

       7. Cuin a thèid a lìbhrigeadh

• Seall dhuinn gu bheil thu air smaoineachadh air mar a thogadh ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.

• Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.

• Dh’fhaodadh gun tèid coinneamh a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.

• Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman maoineachaidh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail - 

Creideasan Cìse BFI - 

 

Cò Sinn?

  • Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach 
  • Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron 
  • Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
  • Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
  • Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell
Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: