Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 2

Episode 2 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine dhaibhsan tha tighinn gu tì is cèic. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share their recipes for a tea party.

Bho dhachaigh ann an Calanais ann an Leòdhas far a bheil e a’ ruith taigh leabaidh is bracaist, tha Griogar MacLeòid a’ siubhal an tòir air na bèiceirean ‘sna còcairean is fheàrr air Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan. Tha e a’ tadhal orra nan cidsinean fhèin agus bi iadsan a’ sealltainn dha dè’s fheàrr leotha fuine. Còcaire proifeiseanta a th’ann, le làn fhios gun ionnsaich thu barrachd bho eòlaiche le ùidh sa ghnothach, na bho leabhar sa bith.

Sa phrògram seo tha Griogar agus a charaidean a’ sealltainn dhuinn dè’s fheàrr leotha fuine nuair a thadhlas daoine airson cupa tì. Ann an Uibhist a Deas feuchaidh e tort le càise gobhair is biolair. Tha aran blasta a sheasas corra latha feumail ma nochdas neach gun dùil ris – agus nì boireannach san Eilean Sgitheanach cèic le marmailead is dinnsear. Air ais na chidsin fhèin tha Griogar a’ dèanamh cèic rola le sùbhagan is cnòthan challtainn

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their favourite recipes for when friends come to tea. In South Uist, Gregor tries a goat’s cheese and watercress tart - ideal for making before guests arrive. A loaf that keeps well is essential for unexpected guests too, and Harriet in Skye shows Gregor her failsafe recipe for a marmalade and ginger cake. Back in his own kitchen, Gregor makes a showstopping raspberry and hazelnut roulade that is bound to impress any visitors.

30 minutes

Last on

Tue 20 Jun 2023 19:00

Am Fudge aig Catriona, le Teòclaid Gheal agus Liqueur Èireannach

Am Fudge aig Catriona, le Teòclaid Gheal agus Liqueur Èireannach

500g siùcar donn
500ml uachdar
55 ml liqueur Èireannach
150g teòclaid gheal

Lìnig tiona ceàrnach mu 20cm le pàipear-bhèicearachd.

Cuir an t-siùcar, uachdar agus liqueur Èireannach ann am pana agus leig leis leaghadh air a shocair.

An uairsin, cuir suas an teas gu ìre goilidh. Leig leis goil gu slaodach, a plubadaich, fad 15-20 mionaidean.

Nuair a bhios coltas nas tighe air, tha e faisg air a bhith deiseil. Cuir spàin-tì dhe ann an uisge fuar – ma bhios e a’ cruthachadh ball anns an uisge, tha e deiseil.

Cuir a-steach an teòclaid. Nuair a tha a h-uile rud air a leaghadh a-measg a chèile, dòirt dhan tiona e. Leig leis fuarachadh fad co-dhiù dà uair a thìde, no tron oidhche, agus an uair sin geàrr am fudge ann am pìosan beaga.

An Cèic-rola le Cnothan-challtainn aig Gregor

An Cèic-rola le Cnothan-challtainn aig Gregor

AN CÈIC

4 uighean mòra, gealagan agus buidheagan air an sgaradh
150g siùcar
2 spàinn-mhòr uisge teth
70g cnothan-challtainn air an gearradh ann am pròiseasar-bìdh
80g flùr-èirigh, air a chur tro shìoltachan
Craiteachan salainn
½ spàinn-tì faoineag
20g siùcar-phùdarach

³¢ÃŒ°¿±·´¡¶Ù±á

500g càise mascarpone
175g iogart Greugach
100g siùcar pùdarach
300g subhan-craoibh

Cuir an àmhainn aig teas 200C / 180C le gaotharan. Lìnig soitheach cèic-rola le pàipear.

Cuir na buidheagan ann am bobhla leis an t-siùcar. Buail seo ri chèile airson mu 5 mionaidean ach am bith e soilleir, geal agus tiugh.  A’ cumail ri oir a' bhobhla agus a’ tionndadh am bobhla fad an t-siubhail dòirt ann an uisge. Crath ann na cnothan agus craiteachan salainn. Cuir ann am flùr ach ga chuir tron t-sìoltachan airson an dàrna turas. Paisg seo uile ri chèile.

Ann am bobhla eile buail na gealagain-uighe gus am bith nan bideanan boga.

Mu dheireadh cuir a faoineag ri na buidheagain agus an uairsin paisg ann na gealagain trian às dèidh trian.

Lìon an tiona leis am measgachadh agus bruich san àmhainn airson 15 gu 18 mionaidean.

Nuair a tha e bruich leig leis fuarachadh fad 5 mionaidean mus crath thu beagan siùcar-pùdair air uachdar. A’ cleachdadh searbhadair-shoithichean cuir car dhan tiona agus bheir am pàipear-bèicearachd far bonn na cèice. Crath beagan siùcar-pùdair air an taobh eile agus cleachd an t-searbhadair airson a' chèic a’ rolaigeadh suas bhon taobh as giorra. Fàg i mar seo fad 10 mionaidean.

Anns an eadar-ama buail am mascarpone an siùcar agus an iogart còmhla.  

Sìn a-mach a' chèic agus fàg i – còmhnard – air a còmhdach leis an t-searbhadair. 

Nuair a thig a' chèic gu ìre-teothachd an rùm còmhdaich muin a chèic gu math leis an uachdar agus a chaise. Cuir cuideachd na subhan-craoibhe air muin seo. Rolaig suas a' chèic mar a rinn thu roimhe bhon taobh as giorra.

Faodaidh tu barrachd subhagan a chur air a muin le crathadh siùcar-pùdair mas geàrr thu i.  

An t-Aran Dinnseir is Marmalaid aig Harriet

An t-Aran Dinnseir is Marmalaid aig Harriet

8 unnsa ìm
8 unnsa siùcar donn dorcha
8 unnsa trèicil
6 unnsa marmalaid
12 unnsa flùr plèan
1 spàinn-mhòr dinnsear
1 spàinn-mhòr caineal
½ pinnt bainne
2 spàinn-tì sòda-arain
2 ugh
8 unnsa sìucar pùdarach
Sùgh 1 orainds

Teasaich an àmhainn gu ruige 150C.

Leagh an t-ìm, siùcar agus trèiceil còmhla ann am bobhla anns a’ mhicrowave.

Cuir am flùr, dinnsear agus caineal tro shìoltachan dhan trèiceil agus measgaich a h-uile rud còmhla.

Cuir an 2 ugh agus marmalaid dhan bhobhla leis a' chòrr agus measgaich a-rithist.

Blàthaich am bainne anns a’ mhicrowave fad mionaid agus an uair sin cuir ann an sòda-arain. Measgaich seo a-nise còmhla ris a' chòrr a th’ anns a' bhobhla. Dòirt an taois ann an dà thiona lof dà phunnd agus cuir dhan àmhainn airson 45 mionaidean no uair a thìde. Nuair a tha na cèicichean deiseil, fàg iad airson fuarachadh.

Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.