Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seirbheis Nollaige còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Seirbheis a' comharrachadh àm na Nollaige còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh.
Gaelic service in preparation for Christmas with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church.

Ann an Dèanamaid Adhradh an-diugh cluinnidh sibh na laoidhean is an leughadh a leanas:
Tàladh Chrìosda agus Nach Glòrmhor an Naidheachd le Fiona NicChoinnich
Leanabh an Àigh air a sheinn le Joanna NicMhèin agus Evelyn Coull NicLeòid
Seall an Sneachd' a’ Gheamhraidh Fhuair air a’ sheinn leis a' bhuidheann Seinneamaid Còmhla ann an Tòrabhaig
Ciùin an Oidhche air a’ sheinn le Joanne Mhoireach.

Leughadh : Lùcas 2: 1-20

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh còrr air bliadhna air ais agus tha i fhèin is Mìcheal, an duine aice, stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.

30 minutes

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts

  • Sun 23 Dec 2018 09:00
  • Sun 23 Dec 2018 15:00