Sgìre An Rubha
Buaidh mhaireannach call na h-Iolaire air sgìre an Rubha ann an Leòdhas.
The enduring legacy of the Iolaire disaster on the community of Point in Lewis.
Bha dìreach fichead gann de mhìle neach à Sgìre an Rubha anns na feachdan armaichte sa Chogadh Mhòr. Dhiubh sin, bha dà cheud nach do thill.
Nam measg bha an naoi duine deug air fhichead a chailleadh air an ‘Iolaire’: bha leth-cheud às an Rubha air bòrd, agus cha d’ fhuair ach aon duine deug dhiubh aiste lem beatha. Mar sin bha an còigeamh cuid de na chailleadh sa chogadh, san Iolaire. Bha sean-seanair Anna Frater, Iain MacLeòid, Iain Mhurchaidh Chaluim, air an à ireamh.
Anns a’ phrògram sa, tha Anna a’ coinneachadh ri feadhainn eile aig a bheil dlùth cheangal ris na balaich a bha air bòrd. De na bailtean uile san Rubha, b’ e baile beag Sheisiadar bu chruaidhe a dh’fhulang buille na h-oidhche sin. Chailleadh deichnear de bhalaich Sheisiadar. Tha sgeulachdan pearsanta ri chluinntinn mu phoit-tì sònraichte chaidh a cheannach le mà thair ‘s i fèitheamh ris na balaich tighinn dhachaigh, ach cha do thill. Ceud bliadhna air adhart, tha a’ phoit-tì sin an-diugh gu math prìseil air sgeilp aig teaghlach nam balach ann am Paibil Iarach.
Tha sgeulachdan eile a’ nochdadh sa phrògram air a’ bhuaidh a bh’ aig an tubaist air an fheadhainn a thà inig beò às an Iolaire, gu leòr dhuibh nach b’urrainn bruidhinn mu na thachair no fiù’s fuireach anns an eilean agus a theich gu taobh eile an t-saoghail. ‘S mar a chluinneas sin, sann ceud bliadhna air adhart, tha cuid de na teaghlaichean a’ faighinn a-mach mu na cà irdean sin a thà rr às lem beatha, an teaghlach aig Anna fhèin,nam measg.
Last on
Clip
-
Bailtean fo Bhròn: Sgìre an Rubha
Duration: 06:05
Broadcasts
- Fri 4 Jan 2019 12:03³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Fri 4 Jan 2019 17:30³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jan 2019 14:30³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal