D-Day
Dealbh air na thachair air D-Day, an 6mh den Ògmhios 1944 bho chuid de na bha an sàs ann. The events of D-Day as described by some of those involved on the 6th June 1944.
Air an 6mh den Ògmhios 1944, thill feachdan Bhreatainn agus Ameireagaidh dhan Fhraing, às dèidh a bhith an Ceann a Tuath Afraga agus san Eadailt, gu cladaichean Normandy. B’ e seo D-Day – an oidhirp bu treise airson ruaig a chur air na Gearmailtich agus an grèim teann a bh’ ac' air iar-thuath na Roinn Eòrpa a bhriseadh .
Bha na Gearamailtich air cùisean a dhèanamh cha mhòr do-dhèanta dhaibh. Bha an costa air a dhìon leis an Atlantic Wall; na mìltean de shaighdearan, gunnaichean mòra, mèinnean agus tòrr chnapan-starra eile a bh’ air an stèidheachadh bhon Òlaind, sìos costa na Frainge, cho fada deas ri crìochan na Spà inn. Bha là n dhùil aig na Gearamailtich ri ionnsaigh air costa na Frainge – ach cha robh cà il a dh’ fhios aca cà it’ no cuin a thigeadh i.
Bha feachdan a' chaidreachais air a bhith deasachadh airson còrr ‘s bliadhna airson a thighinn air tìr anns an Fhraing; a' rannsachadh gu dè an t-ait’ a b’fheà rr air a shon agus a' feitheamh air an à m ceart a thaobh a' là n agus solas na gealaich.
Cha deach ullachadh cho mionaideach a dhèanamh a-riamh roimhe le còrr air trì millean saighdear air cruinneachadh ann an ceann a deas Shasainn, a’ treà nadh, a’ deasachadh agus a’ feitheamh ris an òrdugh falbh.
Sa phrògram sa aig Dòmhnall Macleòid bho 2005 cluinnidh sinn mar a thachair.
Last on
Broadcasts
- Mon 3 Jun 2019 12:00³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Mon 3 Jun 2019 22:00³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Jun 2019 09:30³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Jun 2024 15:30³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal