An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich
Seirbheis còmhla ris a' Chanan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich, nach maireann, bho 1992. Gaelic archive service conducted by the late Canon John Angus Galbraith from 1992.
'S e an Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich a tha a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC. Chaidh an t-seirbheis seo a chraoladh an toiseach san Fhaoilleach 1992.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na laoidhean a leanas air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Peadair ann an Dalabrog:
Laoidh Chaluim Chille
A Rìgh nan Ainglean
FÃ ilte air Reul na Mara.
Leughaidhean: Sephanaidh 2: 3
Sephanaidh 3:12-13
Mata 5: 1-12.
Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheà rr a dh’aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B’ ann às dèidh sin ‘s gun e ach dusan bliadhna a dh’aois a dh’fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus là idir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh’ionnsaigh dreuchd na sagartachd.
Às dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus ‘s ann san dearbh pharaiste a chrìochnaich e na là ithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig, bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.
Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thà ladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon à ireamh dhaoine a thà inig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Òban agus an Uibhist nuair a bhà saich e gu h-obann ann an 2006.
Bha ùidh mhòr aig a' Chà nan anns a’ Ghà idhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pà irt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gà idhlig. Bha ùidh aige as a’ choimhearsnachd a bha e a’ frithealadh, agus e an còmhnaidh a’ toirt taic agus a’ feuchainn ris a' chà nan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a’ Ghà idhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air là rach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig à rd-ìre a ghleidheadh san à rd-sgoil anns a' sgìre.
On radio
An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich
Broadcasts
- Sun 19 Jan 2020 21:00³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2025 21:00³ÉÈËÂÛ̳ Radio nan Gà idheal