Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachdan a’ Ghlasaidh (Life in Lockdown)

Episode 6 of 13

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ comharrachadh bliadhna bho thòisich sgaoileadh a’ chòrona-bhìorais. We reflect on a year since the pandemic began.

Tha staing a’ choròna-bhìorais air barrachd ùpraid adhbharachadh air feadh an t-saoghail na tha galar sam bith eile ann an còrr air ceud bliadhna. B’ e bhìoras a bh’ ann a thàinig gun chuireadh ’s gun mòran rabhaidh agus a chuir ar saoghal bun os cionn, a’ marbhadh àireamhan mhòr de dhaoine aig an aon àm.

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ leantainn buidheann de dhaoine bho air feadh na dùthcha a’ toirt sealladh sònraichte tro chunntasan mionaideach agus pearsanta ’s sinn a’ comharrachadh bliadhna bho thòisich sgaoileadh a’ chòrona-bhìorais.

Dealbh onarach de na h-amannan as fheàrr agus as miosa rè àm a’ ghlasaidh bho measgachadh de dhaoine, nam measg, dràibhear tacsi ann an Steòrnabhagh, a tha ag innse mar a tha na riaghailtean air buaidh a thoirt air a bheatha obrach fhèin, fear òg à Obar Dheathain a fhuair a’ bhìoras aig toiseach a’ chiad ghlasaidh ann an 2020 agus a tha fhathast fulang, is banaltram ann an Uibhist a Deas a tha gu mòr an sàs ann am prògram nam banachdach. Ciamar a tha gach neach air dèiligeadh ri cuingealachadh tron t-suidheachadh do-chreidsinneach leantainneach a bha seo?

The Coronavirus outbreak has caused more chaos and disruption in comparison to any health crisis in over a century. A virus which came uninvited and without much warning, disrupted the world order and claimed a terrifying number of lives in the process.

In this programme, we follow a group of individuals from all over the country, bringing a unique insight through detailed personal accounts as they approach and reflect on a year since the pandemic began.

A refreshingly honest depiction of the highs and lows of lockdown from all walks of life, including a Stornoway-based taxi driver whose livelihood has been impacted by the restrictions, a young man who caught the virus during the first lockdown of last year and is now battling long covid, and a South Uist-based nurse who is involved in the vaccination roll out. How did these individuals cope with the rules and regulations imposed on them during a continuous and unprecedented situation?

In Gaelic with English subtitles

29 minutes

Broadcasts