̳

Cuir ris air a’ BhBC

Air ùrachadh: 14 An Dàmhair 2022

’S e deagh dhòigh a th’ ann an “cuir ris” cuimhne a chumail air rudan gu àm eile agus faighinn dìreach chun nan stuthan a tha cudromach dhut.

Uaireannan cleachdaidh sinn na rudan a chur thu ris airson stuthan eile a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riut a mholadh dhut. Agus uaireannan, cuiridh sinn brathan thugad mun deidhinn, mar eisimpleir mu phrògram ùr ann an sreath a tha thu air a chur ris. Mas fheàrr leat, faodaidh tu stad a chur air brathan an seo.

Gu h-àbhaisteach feumaidh tu a bhith air logadh a-steach airson rudan a chur ris. Tha seo gus an cùm sinn cuimhne air a h-uile dad a chur thu ris agus gu faigh thu thuige air inneal sam bith.

Ciamar a chuireas mi rudan ris?

Faodaidh tu cuir ri rud sam bith aig a bheil putan “Cuir ris” ri thaobh. Nam measg tha:

  • Prògraman telebhisean is rèidio
  • Criomagan fuaim agus bhidio
  • Cuspairean a tha sna naidheachdan (ann an app ̳ Naidheachdan a-mhàin)
  • Cuspairean spòrs
  • Reasabaidhean

Faodaidh tu na thogras tu a chur ris ach a-mhàin ann an app ̳ Naidheachdan far nach eil ach suas ri 10 cuspairean ceadaichte. Duilich mun sin.

Ciamar a chì mi no a bheir mi air falbh rudan a chur mi ris?

Tha an earrannan fhèin aig roinnean eadar-dhealaichte dhen BhBC airson na rudan a tha thu air a chur ris. Mar eisimpleir, ann an iPlayer tha iad air an cuir ris an earrann Mo Phrògraman. Ann am ̳ Sport tha iad air an cuir ri My Sport

Anns gach earrann, gheibh thu air rudan a tha air a chur ris a thoirt air falbh. Dìreach cuimhnich ma bheir thu rud air falbh, cuiridh sin stad air molaidhean agus brathan buntainneach.

Chan fhaigh mi lorg air na rudan a chur mi ris.

Dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach. Mur a nochd iad an uairsin, dh’fhaodadh sin a bhith ciallachadh gun do chuir thu iad ris aig àm nuair nach robh thu air logadh a-steach.

Ciamar a sgaoileas mi na rudan a chur mi ris?

Faodaidh tu rudan a sgaoileadh a’ cleachdadh a’ phutain Sgaoil.

Am faic mi dè tha daoine eile air a chur ris?

Chan fhaic. Tha fiosrachadh mu na thathas a’ cur ris dìomhair. Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu phrìobhaideachd an seo.

Change language: