³ÉÈËÂÛ̳

Dè th’ ann an cunntas ³ÉÈËÂÛ̳?

Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2022

Sin a gheibh thu nuair a chlàras tu leis a’ BhBC. Tha e pearsanta dhut fhèin agus a’ toirt cothrom dhut a’ chuid as fheàrr fhaighinn bhon a’ BhBC. Feumaidh tu fear airson ³ÉÈËÂÛ̳ iPlayer agus cuid de na h-apps againn a chleachdadh.

Tha am fiosrachadh a bheir thu dhuinn nuair a tha thu a’ clàradh air a ghleidheadh nad chunntas, gus am faic thu e agus gus am faod thu atharrachadh nuair a thogras tu.

Bheil ceistean agad mud chunntas? Seo cuid de na freagairtean a th’ againn:

Carson a chlàradh neach airson cunntas ³ÉÈËÂÛ̳?

Tha e gad chuideachadh ann a bhith a’ faighinn a’ chuid as fheàrr às a’ BhBC. Aon uair ’s gu bheil thu air logadh a-steach gud chunntas, faodaidh tu…

  • Coimhead is èisteachd ri stuthan ³ÉÈËÂÛ̳ air-loidhne, a’ gabhail a-steach ³ÉÈËÂÛ̳ iPlayer, ³ÉÈËÂÛ̳ Sounds agus cuid a spòrs beò
  • Prògraman is stuthan eile a chur ris ach an tèid thu thuca aig àm eile
  • Molaidhean pearsaichte fhaighinn
  • Brathan fhaighinn mu rudan anns a bheil ùidh agad
  • Beachdachadh air sgeulachdan ³ÉÈËÂÛ̳ News
  • Bhòtadh air-loidhne ann am prògraman leithid Strictly Come Dancing
  • A bhith nad Weather Watcher.

’S chan e sin e...

Nuair a tha thu air logadh a-steach gud chunntas, bidh d’ fhios agus d’ fhaireachdainn mun BhBC nas coileanta. Mar eisimpleir, ma stadas tu prògram iPlayer air d’ fhòn, faodaidh tu a thòiseachadh san aon àite air do choimpiutair.

Faigh a-mach dè na tha thu a’ faighinn bho chunntas ³ÉÈËÂÛ̳.

Change language: