̳

Am faod mi stuthan a’ BhBC a chleachdadh?

Air ùrachadh: 22 An t-Ògmhios 2022

Bidh sinn a’ faighinn tòrr iarrtasan bho dhaoine is bho bhuidhnean a tha ag iarraidh stuthan a’ BhBC a chleachdadh, leithid prògraman slàn, criomagan, dealbhan agus stuthan bho bbc.co.uk.

Nuair a tha cead a dhìth

Airson gach nì a leanas a chleachdadh…

• Prògraman slàn

• Criomagan

•&Բ;ٱ𲹱󲹲

•&Բ;ٳܳٳ󲹲

• Ar suaicheantas agus ar brandadh

• Meata-dàta

• Rud sam bith eile bho ar seirbheisean a leasaicheas no a thrèanas tuigse inntealta, no a nì mion-sgrùdadh coimpiutaireachd

• Nì sam bith eile a tha air a dhìon le còraichean

… feumaidh tu cead fhaighinn.

Ged nach tig againn air cead a thoirt dhut an-còmhnaidh

…ri linn ‘s nach eil na còraichean daonnan againne.

Tha stuthan dhaoine eile tric am measg na stuthan againne. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh dealbhan, bhidiothan agus pìosan ciùil nochdadh ann am prògraman TBh le còraichean a tha aig luchd-ealain, cleasaichean no luchd-ciùil. No dh’fhaodadh nach eil ach cead againn am prògram fhèin a chraoladh, agus gur ann aig companaidh neo-eisimeileach a tha na còraichean.

Tha e comasach dhuinn cead a thoirt airson cuid a stuthan a chleachdadh ge-tà.

Bidh sinn tric a’ faighinn iarrtasan airson na tha air an ainmeachadh gu h-ìosal. Cùm ort a’ leughadh airson faighinn a-mach mu na tha ceadaichte dhuinn a thoirt dhut. 

Am faod mi prògram TBh is rèidio slàn a chluich dhan luchd-cleachdaidh?

Tha sin a rèir càite a bheil thu agus dè a tha thu a’ dol a dhèanamh leotha.

Ma tha thu san RA agus gur ann airson adhbharan foghlaim a tha e

’S dòcha gum faod thu criomagan a chleachdadh airson adhbharan foghlaim ma tha Cead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim (ERA) aig an sgoil, colaiste no oilthigh agad. airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Airson fiosrachadh mu bhith a’ ceadachadh phrògraman slàn airson adhbharan foghlaim, cuir fios gu ̳StudiosLearning@bbc.com

Airson rud sam bith eile, cuir fios thugainn an seo agus innis dhuinn dè bhiodh tu airson a dhèanamh, le fiosrachadh mu:

  • Cò thu
  • Fios mud bhuidheann (ma tha sin buntainneach), ag innse cuideachd ciamar a tha sibh air ur maoineachadh.

Am faod mi ìomhaighean agus mion-dhealbhan bhon a' BhBC a chleachdadh?

Feumaidh tu cead iarraidh. Seo mar a nì thu sin...

Airson faighneachd mu mion-dhealbhan sgrìon a cheannachd, cuir post-d gu Sgioba Reic ̳ Motion Gallery.

Airson faighneachd mu dhealbhan bho làrach-lìn ̳ Naidheachdan a chleachdadh cuir post-d gu Sgioba Ceadachd Làrach-Lìn Naidheachdan.

Airson faighneachd mu dhealbh sam bith a tha leinn a chleachdadh, cuir post-d gu Tasglann Dhealbh a’ BhBC.

ܾԾ…

Chan ann leinn a tha a’ mhòr-chuid de na dealbhan-camara is eile a tha air làrach-lìn ̳ Naidheachdan. Gu tric, ge-tà, bidh ainm an neach leis a bheil iad air oisein an deilbh. Sin is coireach nach leig sinn leat dealbhan-camara is eile bho ̳ Naidheachdan a chleachdadh airson adhbharan malairteach.

Am faigh mi riochd sgrìobhte de phrògram TBh ̳?

Cha bhi sinn a’ cruthachadh riochd sgrìobhte de na prògraman againn, ’s le sin chan urrainn dhuinn riochd sgrìobhte a thoirt dhut. Duilich mun sin.

Ach tha mòran fiosrachaidh feumail mu phrògraman air làrach-lìn Prògraman a’ BhBC.

Am faod mi criomagan bho phrògraman a chleachdadh?

Ma tha thu anns an RA ’s dòcha gu faod thu criomagan a chleachdadh airson adhbharan foghlaim, ma tha Cead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim (ERA) aig an sgoil, colaiste no oilthigh agad. Faic  airson an tuilleadh fiosrachaidh.

’S dòcha gum faod thu criomagan a chleachdadh cuideachd mar thoradh air mura-bhithean a thaobh còraichean air adhbharan foghlaim. ” airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Airson fiosrachadh mu bhith a’ ceadachadh phrògraman slàn airson adhbharan foghlaim, cuir fios gu ̳StudiosLearning@bbc.com

Airson dad eile, faodaidh tu faighneachd mu chriomagan a cheannach airson adhbharan coimeirsealta le post-dealain a chur gu Sgioba Reic ̳ Motion Gallery aig ̳.MotionGallerySales@gettyimages.com

A bheil freagairt fhathast a dhìth ort? Cuir brath thugainn airson cead fhaighinn. Cuimhnich innse dhuinn:

  • Cò thu
  • Fios mud bhuidheann (ma tha sin buntainneach), ag innse cuideachd ciamar a tha sibh air ur maoineachadh.

Am faod mi leth-bhreac de phrògram anns an robh mi a cheannach?

'S dòcha gun tèid agad air leth-bhreac a cheannach. Faigh a-mach ciamar air ar duilleig iarrtais.

Am faod mi suaicheantas agus brandadh a’ BhBC a chleachdadh?

’S dòcha. Bhiodh e na b’ fheàrr dhut a dhol gu  airson faighinn a-mach gu cinnteach.

Am faod mi stuthan bho làraich-lìn a' BhBC a chleachdadh?

Feumaidh tu cead iarraidh.

Airson faighneachd mu chead stuthan bho Làrach-lìn ̳ Naidheachdan a chleachdadh, cuir post-d gu Sgioba Ceadachd làrach-lìn Naidheachdan.

Airson faighneachd mu chead stuthan bho làraich-lìn eile a’ BhBC a chleachdadh cuir brath thugainn.

Cuimhnich innse dhuinn dè tha thu airson a dhèanamh leis an stuth agus càite a bheil thu airson a chleachdadh.

ܾԾ…

'S dòcha gum bi agad ri pàigheadh air a shon.

Am faod mi meata-dàta ̳ agus ceanglaichean RSS a chleachdadh?

Tha sin a rèir carson a tha e…

Dha daoine

Chan eil e ceadaichte meata-dàta a thoirt às na stuthan againn no à ceanglaichean RSS.

Faodaidh tu ceangal RSS ̳ News a chur rid làrach-lìn no rid chunntas meadhanan sòisealta. Fhad 's:

  • Nach bi thu ag atharrachadh an ceangal RSS no a’ toirt air falbh ar brandadh no suaicheantais
  • A bheir thu creideas dhuinn le bhith ag ràdh gur ann bho ̳ Newsbbc.co.uk/news or  a tha e, le teacsa is ceangal-lìn ann an àite follaiseach
  • Nach bi thu a’ cur ar brandadh, suaicheantais is an leithid ris, ach a-mhàin brandadh a tha an sàs sa cheangal RSS mar-thà.

Leugh mu mar a chuireas tu air dòigh ceangal RSS ̳ News an seo.

Airson gnìomhachas

Feumaidh tu cead airson ar meata-dàta a chleachdadh (leithid dealbhan, teacsa, fuaim is bhidio agus na ceanglaichean thuca). Cuir iarrtas a-steach airson cead meata-dàta.

Airson ar ceanglaichean RSS a chleachdadh ann an gnìomhachas, feumaidh tu cead agus ma dh'fhaoidte gum bi cìs ri phàigheadh.

A bheil e ceart gu leòr ceangal a dhèanamh ris a’ BhBC?

Tha e ceart gu leòr ceangal a chur chun làraich againn fhad ‘s nach cleachd thu suaicheantas a’ BhBC. Tha .

Cuimhnich gu bheil na làraich-lìn againn daonnan ag atharrachadh agus le sin, dh’fhaodadh gum bi àiteachan ris a bheil thu a' ceangal ag atharrachadh no air an toirt air falbh rè ùine.

Am faod mi stuthan ̳ a chleachdadh airson mo ghnìomhachas?

Feumaidh tu ar cead fhaighinn an toiseach airson feum gnìomhachais sam bith, agus ’s dòcha gum bi agad ri cìs a phàigheadh. Faigh a-mach tuilleadh an seo.

Change language: