Air ùrachadh: 1 An t-Samhain 2022
Thathas tric a’ coimhead ri beachdan agus stuthan a thèid a luchdachadh air na làraich againn, leithid dealbhan, ‘s gam measadh airson dearbhadh gu bheilear a’ cumail ri riaghailtean a’ BhBC mu bheachdan agus luchdachadh. Agus mura bheil, thèid an dubhadh às. ‘S e co-mheasadh a tha seo.
Mura bheil thu ag aontachadh le co-dhùnadh a’ cho-mheasaidh, faodar tagradh a chur a-steach. Leugh tuilleadh mu dheidhinn ann an ''Am faod mi tagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh co-mheasaidh''?
Mar a bhios sinn a co-mheasadh
Co-mheasadh às dèidh làimh
Tha a’ mhòr-chuid de bheachdan no stuthan a thèid a luchdachdh air an “co-mheasadh às dèidh laimh”. Tha sin a’ ciallachadh gum bi sinn a’ toirt sùil orra air sgàth ’s:
- Gun deach fios a chur thugainn le neach eile (a’ cleachdadh ceangal “Leig fios” a tha fo gach beachd)
- Gun d’ fhuair sinn rabhadh gur dòcha gu bheil trioblaid ann.
Co-mheasadh ro-làimh
Ge bith cò thu, nì sinn cinnteach gun toir sinn sùil air do chiad bhrath mus nochd e. ‘S e "co-mheasadh ro-làimh" a th’ air an seo. Sa bhitheantas, tillidh do chunntas chun àbhaist an dèidh seo.
Ma tha duine, aig àm sam bith, a’ briseadh na riaghailtean co-cheangailte ri beachdachadh no luchdachadh, dh’fhaodadh gun tèid an cunntas aca a chur gu measadh ro-làimh.
Ma thachras seo, bidh co-mheasair a’ toirt sùil air gach beachd mus nochd e.