Main content

B脿ideanach is Loch Abar gus cluich 'son Cupa Valerie Fhriseil

Thèid Baideanach agus Loch Abar an aghaidh a chèile ann an cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil Disathairne.

Bhuannaich Bàideanach prìomh chupa iomain nam ban mu dheireadh ann an 2022.

Rinn iad a chùis air an Eilean Sgitheanach, 4-3, airson faighinn chun a' chuairt dheireannaich am-bliadhna.

'S e tomhas de dhìoghaltas a bh'ann an sin às dèidh mar a rinn na Sgitheanaich a chùis orrasan san iar-chuairt dheireannaich an-uiridh.

Tha sgioba Bhàideanaich ann am fìor dheagh shunnd air thoiseach air a' gheam is iad air a bhith a' frasadh nan tadhail a-steach sna seachdainean mu dheireadh.

Sgòr iad 29 tadhail thar nan trì geamaichean mu dheireadh, is iad a' leigeil a-steach dìreach a dhà thar an àm sin.

Tha iad aig mullach na Lìog Nàiseanta is gun iad ach air aon gheam a chall air an t-seusan sa.

"Tha Bàideanach an-còmhnaidh làidir fhèin," thuirt tè-aithris iomain 成人论坛 Spòrs, Ceit Bradley.

"Tha cothromachadh math aca far am bi iad a' toirt tòrr òigridh a-steach fhads a tha na cluicheadairean a th' air a bhith ann airson bliadhnaichean agus aig a bheil eòlas fhathast a' cluich aig an ìre is àirde sa gheama.

"Tha mi a' smaoinneachadh gun robh iad caran goirt leis an dòigh anns an deach iad a-mach às an fharpais an-uiridh is iad a' putadh airson seòrsa de Ghrand Slam eile.

"Le ceangalaichean aca ri sgioba Chinn a' Ghiùthsaich a tha ag amas air an aon rud ann an geam nam fear, bhiodh e a' ciallachadh tòrr dhan an sgìre air fad nam b'urrainn dha na boireannaich sin a dhèanamh, " thuirt i.

Tha Loch Abar ag amas air a' chupa a thogail airson a chiad turas bho 2016.

Bhuannaich iad an aghaidh Ghleann Urchadain, 4-1 agus Cheann Loch Seile, 2-1, airson na h-ìre seo a ruighinn.

Chaill iad an dà gheam aca an aghaidh Bhàideanaich san lìog am-bliadhna ach tha Ceit den bheachd gur e geam teann a bhios ann Disathairne.

"Bidh Loch Abar gu math acrach airson a' chupa seo a bhuannachadh," thuirt i.

"Chan eil sinn air a bhith a' bruidhinn mun deidhinn 's dòcha cho tric is a bu chòir bho 2016.

"Tha mi a' smaoineachadh leis an sin gum bi iad ag iarraidh tighinn a-mach agus sealltainn cho comasach is a tha iad.

"Chanainn ma tha thu a' coimhead air sgioba a tha a cheart cho fut ri Bàideanach 's iad Loch Abar so tha mi a' smaoineachadh gum bi e faisg eadar na cluicheadairean," thuirt i.

Tòisichidh an geam aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh aig 4.05f is bidh e ri fhaicinn beò air 成人论坛 ALBA.

Ron sin, bidh cuairt dheireannach a' Chupa Dhùbhlain ann eadar na dàrna sgiobaidhean aig Bàideanach agus Inbhir Nis.

Tha gach sgioba ag amas air na h-ainmean aca a chur air a' chupa airson a' chiad turas.

Tòisichidh an geam sin aig 1.45f.

/naidheachdan/sgeulachdan/cr4099v76leo