Gille P脿draig Dubh
’S e Rubha an taigh Mhàil an t-ainm air an àite ann a Loch Aoineart far an robh an taigh màil aig Mac ’ic Ailein, far am biodh an tuagh a’ pàigheadh a’ mhàil le gràn a h-uile bliadhn. Agus a’ bhliadhna bha seo, nuair a thàinig latha pàigheadh a’ mhàil, bha iad a’ cruinneachadh ann às gach taobh le pocannan ghràin. Agus bha duine aig Mac ’ic Ailein anns an taigh mhàil a’ tomhas a’ ghràin le peice. Cò a ràinig ach Gille Pàdraig Dubh, agus dà phoc ghràin aige. Theann fear an tomhais ri thomhas agus am peice mu dheireadh den ghràin a bha e a’ tomhas bha inneadh air.
“O,” arsa fear an tomhais ri Gille Pàdraig Dubh, “tha am peice tha seo gann agad, chan eil agad do ghràn na lìonas e, agus bha còir aige air a bhith làn a thaobh a’ mhàil a th’ agad ri phàigheadh.”
“Stad thusa mionaid,” arsa Gille Pàdraig ri fear an tomhais, “agus bidh e làn an ceartuair”, agus e aig an aon àm a’ breith air chùl amhaich air agus a’ spìonadh na sgian–dubh far a chliathaich fhèin, agus chàirich e air a sgòrnan i agus chum e e os cionn a’ pheice gus an robh e làn le chuid faladh. “Seo a-nis,” ars Gille Pàdraig, “tha e làn a-nis.” Agus fhuair e e fhèin air dòigh agus thill e dhachaigh.
Nis, nuair a chuala Mac ’ic Ailein ann an Ormicleit an gnìomh a rinn Gille Pàdraig Dubh air an fhear a bha a’ gabhail a’ ghràin aige, bha e duilich dha tighinn gu co-dhùnadh mun dòigh air an dèanadh e dìoghaltas air. Bha e mòr leis a dhol a-mach air, a chionn bha Gille Pàdraig na shaighdeir ainmeil agus bha a leithid ro-fheumail do Mhac ’ic Ailein uair sam bith a bhiodh nàimhdean a’ bagairt air. Ach ’s e an dòigh a ghabh e, chuir e fios gu Gille Pàdraig Dubh e a thighinn far an robh e gu ruige Ormicleit, agus Iain Dubh a mhac a thoirt leis còmhla ris, agus gu robh strainnsear a-staigh aigesan an-dràsta far tìr-mòr agus gun do chuir esan geall ris gu robh saighdear aige air an oighreachd a bhristeadh an t-ubh air mullach ceann a mhic leis an t-saighead aig a leithid seo do dh’astar, gun bheud a dhèanamh air a’ ghille. Agus dh’ainmich e a’ latha bha aig Gille Pàdraig ri bhith ann an Ormicleit agus a mhac còmhla ris.
Nise, nuair a thàinig a’ latha, thog Gille Pàdraig air, e fhèin ’s a mhac agus dh’fhalbh e às na Geàrrachan, o chionn ’s ann an sin a bha a chòmhnaidh, agus ràinig iad le chèile Ormicleit. Neo-ar-thaing nach robh làmhan sgaoilte romhpa ann a sin. Fhuair iad fàilte chur orra agus biadh is deoch. Thug iad an uairsin tarraing air a’ ghnìomh a bha aca ri dhèanamh agus dh’fhalbh iad a-mach. Chuir Gille Pàdraig a mhac na sheasamh ann an àite sònraichte ma choinneamh, agus bha Mac ’ic Ailein agus a Bhan-Tighearna agus a’ strainnsear a bha còmhla riutha nan seasamh air leac a’ ghradanaidh gus a bhith faicinn ciamar a bhiodh a’ chùis. Thug Gille Pàdraig saighead às a’ bhalg-shaighead agus chuir e sìos i fo ghartan na coise deiseadh, agus tharraing e saighead eile às a’ bhalg agus chuir e sìos fo ghartan na coise clì i. Chaidh an t-ubh an uairsin a chur air mullach cinn a mhic. “Siuthad a mhic,” arsa Gille Pàdraig, “tionndaidh do chùl rium.”
“Cha ruig mi leas, Athair,” ars a mhac, “a chionn ma nì sibhse cron orm, chan ann agaibhse a bhios a’ choire.”
Thug an uairsin Gille Pàdraig an treas saighead às a’ bhalg agus chuir e anns a’ bhogha i, agus ghabh e deagh chuimis agus leig e air falbh an t-saighead agus chaith e an t-ubh dha na speuran.
“Glè mhath,” arsa Mac ’ic Ailein, “tha mi toilichte gun do rinn thu an gnìomh ann a làthair an t-strainnsear a tha ann a seo far tìr-mòr agus fios agam nach eil duine air an oighreachd aigesan a dhèanadh a leithid. Ach an inns’ thu a-nis dhomh gu dè an reusan a bh’ agad air saighead a chur fo gach gartan an toiseach?”
“Bha,” arsa Gille Pàdraig, “nam bithinn-sa air beud a dhèanamh dham mhac, bhiodh an dàrna tè dhiubh annadsa, agus an tè eile anns a’ Bhan-Tighearna.”
“Falbh, falbh,” arsa Mac ’ic Ailein, ”chan eil reusan a bhith riut.”
Dhealaich Gille Pàdraig agus Mac ’ic Ailein gu càirdeil an uair sin agus dh’fhalbh e fhèin agus a mhac dhachaigh dhan na Geàrrachan, agus cha deachaidh an còrr dìoghaltas a dhèanamh air aison an duine a mharbh e anns an taigh-mhàil ann a Loch Aoineart.