Sgr矛obhaiche na Seachdain: M脿iri E NicLe貌id
Is mise Mairi E NicLeòid agus ‘s ann às an Eilean Sgiathanach a tha mi bho thùs. Dh’ionnsaich mi Gàidhlig nuair a bha mi 27 bliadhna a dh’aois. Bha Gàidhlig riamh agam aig an taigh air sgàth ‘s bha Gàidhlig aig m’ athair ach cha robh Gàidhlig aig mo mhàthair is mar sin, ged a bha mi a' cluintinn Gàidhlig agus bha mi eòlach air na fuaimean, cha b’ urrainn dhomh Gàidhlig a bhruidhinn. ‘S mar sin, nuair a bha mi na b’ àosta, chaidh mi sìos dhan t-Sabhal Mhòir agus sin far an do thog mi Gàidhlig.
Tha mi a' sgrìobhadh diofar rudan. Thòisich mi a' sgrìobhadh dealbhan-cluiche ach a bharrachd air sin, bidh mi sgrìobhadh sgeulachdan goirid, tha mi air nobhail a sgrìobhadh agus cuideachd, bidh mi a’ sgrìobhadh airson telebhisean agus rèidio. Thòisich mi sgrìobhadh anns a’ chiad àite nuair a bha mi eadar a’ chiad agus an dàrna bhliadhna ann an Sabhal Mòr Ostaig. Bha mi ag obair aig an taigh-staile ann an Carabost anns an Eilean Sgiathanach aig an àm agus ged a bha cothrom agam Gàidhlig a bhruidhinn còmhla ris an fheadhainn a bha ag obair an sin agus còmhla ri m’ athair, cha robh cothrom agam Gàidhlig a sgrìobhadh agus bha mi eagallach gum bithinn a’ call na sgilean sgrìobhaidh agam, ‘s mar sin, sgrìobh mi dealbh-chluich. Bha riamh ùidh agamsa ann an dràma ‘s mar sin, bha e a' dèanamh ciall dhomh dealbh-chluich a sgrìobhadh. Bidh mi a' sgrìobhadh mu dheidhinn tòrr dhiofar chuspairean – torr dhiofar rudan a tha a' tighinn a-steach nam inntinn – bidh mi dìreach gan cuir sios air pìos pàipear.
Bidh mi a' leughadh pìos beag a-mach às an leabhar ùr agam – An Nathair le Dà Shùil Dhearg – mu dheidhinn tè, Mairead, a tha air tilleadh dhachaigh chun an Eilean Sgitheanaich às dèidh dhi sgarradh bho’n duine aice. Tha i a’ feuchainn ris a h-uile càil a chuir air a cùlaibh ach air an slighe sin, tha i a' lorg rudeigin a-mach mu a granaidh a bha a' cur dragh oirre. Bha ceangal eadar granaidh Mairead agus uaislean Chaisteal Chonaisg aig ceann shìos an Eilean Sgitheanaich. Chaochail a granaidh bliadhnaichean roimhe ach feumaidh Mairead an sgeulachd aig granaidh fhaighinn a-mach bho na rudan a bha buntainn rithe agus na daoine a tha fhathast beò. Tha an stòiridh stèidhichte san latha an-diugh ach tha boillsgidhean air ais chun an dàrna cogaidh agus am pìos a tha mi air thaghadh a-mach às an stòiridh, ‘s ann aig fìor thoiseach an leabhar.
Cha robh fios aig Flòraidh dè thug oirre dùsgadh ged a bha fios aice nach b ’e an tìde. Mas ann às an Eilean Sgitheanach a bha thu, bhiodh tu cleachte ris an t-seòrsa aimsir a bha aca an oidhche ud. Oidhche nan seachd sian. A’ ghaoth cho làidir ‘s gun cuireadh i eagal air an diabhal fhèin agus an t-uisge cho trom ‘s gun saoileadh tu gu robh cuideigin air goc fhàgail air shuas anns na speuran. Cha robh Flòraidh buileach cinnteach dè an uair a bha e. Cha b’ urrainn dhith an cleoc fhaicinn anns an dorchadas.
Làigh i an sin airson greiseag, ag èisteachd ris a’ ghaoth a’ rànaich taobh a-muigh an taighe, an t-uisge a’ sginneadh air an uinneag mar chlachan beaga. Cha robh i airson èirigh às an leabaidh, thug e ùine mhor dhith fàs blàth an oidhche sin, a’ ghaoth a’ lorg iomadach diofar àite airson faighinn a-steach dhan taigh gus dragh a chur air na daoine a bha na bhroinn.
Bha na plaidean trom air a bodhaig, cho eadar-dhealaichte ris na siotaichean-leaba aig Niall. ‘S math nach robh fios aig a bràthair mu na thachair.
Fuaim eile. Feumaidh gur e a’ ghaoth a bh’ ann, a’ bualadh air rudeigin. Bhiodh an làr fuar air a casan nan èireadh i a choimhead a-mach air an uinneag. Dè a b’ urrainn dhith fhaicinn gun solas na lampa co-dhiù. An ath mhionaid chuala i fuaim eile. Dùdach, cho fad ’s a b’ aithne dhi. Siud e a-rithist. Shuidh i an àirde san leabaidh agus tharraing i thuice aon de na plaidean. Shleamhnaich i a-mach, a casan fuar air an lino, ged a bha stocainnean tiugh oirre.