Main content

Veggie Burgers

Prògram 8 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ deanamh burgairean glasrach. Linda Macleod and friends make tasty veggie burgers.

Tha Linda NicLeòid a’ còcaireachd cuide ri a caraidean. An-diugh tha Finn agus Georgia còmhla rithe ‘s iad ag ullachadh burgairean glasrach. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil na stuthan a tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn. Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha ola an lus-ola a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson na burgairean ullachadh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd gan ithe.

Linda Macleod and friends prepare a number of tasty dishes. She is joined by Finn and Georgia to make mouthwatering veggie burgers. Before they start cooking, there is a check for ingredients and they go shopping for any that are missing. Linda and her friends also learn more about where rapeseed oil comes from. They return to the kitchen to make the burgers before sitting down at the table to tuck in.

Air a chraoladh

DiCiadain 17:00

Burgairean Ghlasraich

Burgairean Ghlasraich

Burgairean Ghlasraich

Airson 4 burgairean

STUTHAN
400g cearc-pheasairean 
300g currain agus buntàta air am bruich
1 spàin mhòr ola an lus-ola
Fàisgeadh de shùgh liomaid
Fùdar cumin (neo spìosradh eile a-rèir do thoil) - na gheibhear eadar bàrr d’ òrdaig agus do chorraig 
Piobar dubh
4 spàinean mòra criomagan-arain (ma thogras tu)

Ro-theasaich an àmhainn gu 200C/400F/Gas 6.

Prann na cearc-pheasairean le maide-prannaidh ann am bobhla.

Cuir na currain agus am buntàta bruich dhan bhobhla còmhla ris an spìosradh agus prann  seo cuideachd.  Cuir ris an sùgh liomaid agus am piobar dubh.  

Le do làmhan dèan 4 cumaidhean burgair leis a’ mheasgachadh. Ma tha thu cleachdadh criomagan-arainn, còmhdaich na burgairean leis a seo. 

Cuir beagan ola an lus-ola air trèidhe-fuine agus cuir na burgairean air an trèidhe.  Tionndaidh iad gus am bi beagan ola air gach taobh. 

Cuir an trèidhe dhan àmhainn  airson 20-30 mionaidean agus tionndaidh na burgairean letheach slighe. 

Leig le na burgairean fuarachadh beagan mas ithear iad.

Veggie Burgers

Makes 4 burgers

INGREDIENTS
400g tin chickpeas  
300g/10½oz cooked carrot and potato       
1 tbsp rapeseed oil
squeeze lemon juice
pinch ground cumin
freshly ground black pepper
4 tbsp breadcrumbs (optional) for coating

²Ñ·¡°Õ±á°¿¶ÙÌý
Preheat the oven to 200C/180C Fan/Gas 6.

Mash the chickpeas with a potato masher in a bowl. 

Add the mashed vegetables and the cumin.

Mix well and add lemon juice, spices or pepper to taste.

The mixture then needs to be rolled into 4 burger-sized balls. Flatten the balls slightly. If you like, you can coat them with breadcrumbs.

Drizzle a tablespoon of rapeseed oil on a baking tray and place the bean burgers on top and then turn them all over so that they have a coating of oil on each side.

Place the baking tray in the oven and cook for 20-30 minutes, turning the burgers over midway through cooking. Allow to cool a little before serving. 

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon

Featured in...