Main content
Sorry, this episode is not currently available

Clann a’ Mhansa An La An-Diugh

Episode 7 of 9

Tha Cathy Nicdhòmhnaill a’ bruidhinn ri clann a’ mhansa an là an-diugh. Cathy Macdonald talks to children of the manse.

Tha an craoladair Cathy Nicdhòmhnaill a’ còmhradh ri clann a’ mhansa an là an-diugh, aig àm an uair nach eil buaidh agus ùghdarras na h-eaglaise mar a bha e uaireigin. Tha i a’ faighinn a-mach bho ghinealach nas òige mu cò ris a bha e dha rìribh coltach a’ fàs suas ann am mansa, a’ bruidhinn air na cuimhneachain a th’ aca mun seòrsa togail a fhuair iad, na daoine inntinneach ris an do choinnich iad agus mu na modhan a dh’ ionnsaich iad bho aois glè òg, ’s mar a tha seo air buaidh a thoirt air am beatha san là an-diugh. Air an cuairteachadh le leabhraichean agus foghlam, tha sinn a’ faicinn mar a thug an togail seo spionnadh dha cuid a bhith cruthachail.

Am measg nan daoine ris am bi Cathy a’ coinneachadh, tha Gilleasbuig Fearghasdan, a chaidh a thogail ann am mansa trang far an deach aoigheachd a shealltainn agus fàilte bhlàth a chur air iomadach neach a bh’ ann an diofar shuidheachaidhean a thàinig chun an dorais aca, Kirsteen Mhoireach, a tha air dreuchd a leantainn ann an ceòl agus Rachel Kate Nicleòid, neach-ealain, a chruthaich taisbeanadh inntinneach ceangailte ris a’ chultar anns an deach a togail.

Broadcaster Cathy Macdonald talks to sons and daughters of the manse at a time when the church’s influence and authority in the community is not what it once was. She discovers from a younger generation what it was really like growing up as a child of the manse, sharing memories of the upbringing they had, the interesting people they met, and of the values that they have been taught from a young age and how that has influenced their lives today. Surrounded by books and education, we see how this childhood inspired creativity.

Amongst those who Cathy meets up with is Gilleasbuig Ferguson, who was brought up in a busy manse where people from all walks of life came to the door and were warmly welcomed and shown hospitality. She also meets Kirsteen Murray, who pursued a career in music, and Rachel Kate Macleod, an artist who created an exhibition about the culture in which she was brought up.

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Credits

Role Contributor
Presenter Cathy MacDonald
Executive Producer Margaret Mary Murray
Director Alasdair MacLean
Producer Peter Macqueen
Production Manager Marion Maclean

Broadcasts