Main content

Rolaichean Arain-s貌da le Dearcan-ola agus R貌s-M脿iri

Nì seo 6

350g flùr ruadh
100g flùr a dh’èireas
1 spàin-tì salainn
1 spàin-tì sòda-arain
1 spàin-bhùird ròs-màiri
100g dearcan-ola air an gearradh
350ml blàthach

Rolaichean a nì thu gun feitheamh air taois ag èirigh? Tha iad seo cho furasta sa ghabhas agus cha toir e ach mionaidean.

Teasaich àmhainn gaoithe gu 190C.

Cuir a h-uile sion a tha tioram ann am bobhla agus measgaich gu math leis an ròs-màiri agus na dearcan-ola.

Dòirt ann am blàthach agus measgaich còmhla gus an tig e ri chèile na thaois meadhanach tiugh.

Cuir an cnap taoise a-mach air bòrd le beagan flùir air agus geàrr ann an sia pìosan.

Rolaig gach pìos na bhall le do làmhan. Tha na rolaichean a' dol air treadha le flùr air agus thathar a’ gearradh crois ann am mullach gach fear.

Thèid iad seo a bhruich airson 15 mionaidean.

Cho blasta agus abair gu bheil iad math fhathast blàth le beagan ime orra.