Main content

Tortillas

Nì seo 6

200g flùr plein
Craiteachan salainn
100ml uisge
2 spàin-bhùird ola

Measgaich a h-uile sion còmhla na chnap taoise.

Obraich na taoise le làimh fad 2-3 mionaidean gus am bi i mìn.

Fàg a’ suidhe a-nist an taois airson 10 mionaidean.

Cuir a’ ghreideal a theasachadh air an stòbh. Feumaidh i bhith cho teth sa ghabhas. Le pana àbhaisteach cha toir e cho fada a teasachadh.

Rolaig na taoise ann an cruth isbein agus geàrr na phìosan e ach an dèan e sia tortillas. Às dèidh min a chrathadh air a chlàr, rolaig gach pìos a-mach gus am bi iad uimhir ri truinnsear dinneireach.

Cearcall ma-seach air a’ ghreideal a-nis is chan eil feum air ola idir. Mionaid air gach taobh, cha leig iad a leas an còrr mus bi iad ro dhorcha.

Math fhèin timcheall fajita – no gu dearbh a’ còmhdach criomag bhlasta sam bith.