Main content

Ban-r矛gh nam M矛lsean le Ruadh-bh脿rr

200ml bainne slàn (liath)
200ml uachdar tana (singilte)
250g siùcar mìn
½ spàin-tì cnò-mheannt
½ spàin-tì brìgh vanilla
4 uighean (buidheagan is gealagan gan sgaradh)
140g criomagan arain gheala
400g ruadh-bhàrr air a ghearradh na phìosan beaga

Teasaich an àmhainn gu 140C ann an àmhainn gaoithe.

Buail ri chèile na buidheagain, am bainne, an t-uachdar, an cnò-mheannt, am brìgh vanilla agus 50g den t-siùcar.

Sgaoil na criomagan arain air feadh soitheach paidh a tha 24cm/10”.

Dòirt am bainne, uachdar is eile air muin nan criomagan agus fàg seo a' suidhe fad 10 mionaidean.

Cuir a-nis seo dhan àmhainn airson 45 mionaidean gus am bi e air tiughachadh ach le beagan de ghluasad ann fhathast.

Cuir an ruadh-bhàrr ann am pana le 100g siùcar agus bruich airson 15 mionaidean gus am bi an ruadh-bhàrr bog. Fàg seo a-nis a’ fuarachadh.

Nuair thig an t-soitheach às an àmhainn is am measgachadh deiseil, cuir an teas suas gu 180C àmhainn-gaoithe.

Buail na gealagain gu math gus an ruig iad bideanan boga.

Dòirt ann na th’ air fhàgail dhen t-siùcar mean air mhean, ga bhualadh gu math eadar gach earann ach am bi e tiugh is gleansach.

Sgaoil an ruadh-bhàrr air uachdar na bhruich thu roimhe agus an uair sin sgaoil am meringue air feadh sin ann an cruth snog.

Bruich san àmhainn fad 18-20 mionaid.

Trì mìlsean ann an aon mhìlsean – measan, meringue is slamag!