Rolaichean Chorizo is C脿ise Gobhair
Nì seo 10 rolaichean
1 phacaid beirm
400ml uisge blàth
400g flùr ruadh
200g flùr làidir geal
1 spàin-tì siùcar
Salann
2 spàin-bhùird ola-chroinn-ola
2 phacaid beag càise gobhair bog
1 isbean chorizo
An toiseach measgaich am beirm leis an uisge. Fàg seo an dara taobh.
Ann am bobhla cuir an dà sheòrsa flùr, an t-siùcar agus craiteachan salainn. Cuir seo mun cuairt le spàin agus dèan toll sa mheadhan. Dhan toll dòirt ann an ola, am beirm is an t-uisge. Measgaich seo uile gu math leis spàin fhiodh.
A-mach air clàr fuine leis an taois a-nis agus obraich e fad 5 gu 10 mionaidean le do dhà làimh gus a tèid e mìn agus sùbailte/lastaigeach.
Cuir an taois air ais dhan bhobhla agus fàg an dara taobh e ann an àite blàth, le còmhdach cling air, fad uair a thìde neo gus am bi e air dùblachadh ann am meud.
Às dèidh dha èirigh bheir an cling dheth agus put an èadhar às. Cuir an taois a-mach air a' bhòrd le beagan mine air agus geàrr ann an 10 pìosan e. Dèan ball le gach pìos agus an uair sin dèan còmhnard am ball sin. Thathar ag iarraidh cearcall caran tana a dhèanamh leis an taois.
Cuir beagan chorizo agus corra chnap caise gobhair ann am meadhan gach cearcall taoise. Slaod an taois suas seachad air muin an lìonadh agus paisg ri chèile e airson a dhùnadh. Dèan cinnteach gu bheil seo nis na chumadh rola agus cuir sìos e air treadha fuine a th’ air a shuathach le ola. Cuir sìos gach rola leis an dùnadh aige air bonn an treadha agus fàg bearn eadar gach fear.
Tha crathadh flùir a' dol air muin nan rolaichean. Fàg ann an àite blàth a-rithist iad fad leth-uair a thìde. Bithidh iad ag èirigh a-rithist.
Buail na rolaichean ann an àmhainn gaoithe aig 180C airson 10 gu 15 mionaidean.
Math math! Greim math airson bualadh dhan bhaga nuair a tha thu falbh a-mach a dh'obair.