Main content
Granola
170g corca
100g cnothan measgaichte
craiteachan salainn
¼ spàin-tì caineal
¼ spàin-tì dinnsear pùdair
½ spàin-tì brìgh vanilla
40ml ola chnò coco leaghte
40ml mil
Dòirt a h-uile càil tioram dhan bhobhla agus measgaich.
Tha an ola agus am mil a’ dol air muin sin. Cuir mun cuairt a-rithist. Tha còir aige bhith na chnapan, ach am bi deagh chagnadh sa ghranola.
Sgaoil seo air treadha fuine agus cuir dhan àmhainn-gaoithe e son cairteal na h-uarach, aig 160C.
Letheach slighe tron ùine bheir measgachadh eile dha ach am faigh a h-uile pìos an aon teas.
Leig leis fuarachadh mus tèid e ann an crogan, a tha dùnadh gu teann.
Cruasbach cnòthach agus mìlis – cuiridh e duine sa bith ann an deagh shunnd sa mhadainn!