Main content

B脿raichean Bracaist

1 cupa coirce
1 cupa deitichean
¼ cupa mil
¼ cupa ìm cnò-thalmhainn
Cròg sultanas
½ cupa cnò-còco thioram
1 cupa chnòthan-challtainn slàn

Tha na bàraichean seo air leth, ma thu air dheireadh is gun bracaist a ghabhail is tu air an rathad dhan oifis air neo dhan a’ chiad bhàt-aiseig.

An toiseach cuir an coirce ann an àmhainn gaoithe aig 180C son deich mionaidean no cairteal na h-uaireach. Fàgaidh sin am blas aige nas làidire.

Geàrr na deitichean cho beag sa ghabhas, gus an tig iad cha mhòr nan taois air an dèanar ball.

Ann am pana leagh am mil is an t-ìm chnò-thalmhainn còmhla.

Nuair a thig an coirce às an àmhainn, tha sin a’ dol ann am bobhla cuide ri cròg sultanas, an cnò-còco agus na cnòthan-challtainn. Na lùib a-nise thèid na deitichean agus an stuth leaghte às a' phana. Cuir seo mun cuairt gu làidir, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na deitichean a‘ sgaoileadh na mheasg.

Tha seo uile a’ dol ann an soitheach lof aona-phunnd, air a lìnigeadh le cling film. Dèan cinnteach gu bheil gu leòr film airson lùbadh tarsainn a’ mhullaich. Brùth an uairsin soitheach lof eile sìos gu làidir air muin measgachadh nam bàraichean, gus am bi seo tiugh is dlùth. Fàg sa frids e son co-dhiù uair a thìde, mus tèid a shlisneadh ann am bàraichean.

Abair deagh chagnadh dhaibhsan a lorgas fear dhiubh seo ann am baga no bogsa diathaid.